
Tha Ionnsachadh agus Teagasg Alba ag amas air a bhith a’ toirt na Gàidhlig air adhart mar làn phàirt de fhoghlam na h-Alba. Tro Stòras na Gàidhlig ghèibh luchd-gnìomh fiosrachadh agus taic.
Fiosrachadh as ùire
PDF: Sùil air a' Ghàidhlig - 3, Am Faoilleach 2012 (380 KB)PDF: CPD airson tidsearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (784 KB)A cur taic ri Gàidhlig
An taobh a-staigh a’ Phrògraim-taic Chuimsichte, tha obair LTS co-cheangailte ri Gàidhlig cuimsichte air prìomhachas Riaghaltas na h-Alba a thaobh adhartachadh a’ chànain ‘s a’ chultair agus a’ meudachadh na h-àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig.
Plana Gàidhlig
Tha Ionnsachadh agus Teagasg Alba (LTS), a’ phrìomh bhuidheann le uallach airson leasachadh agus taic do churraicealam ùr na h-Alba, air a’ chiad Phlana Gàidhlig aca fhoillseachadh, ’s e air a dhealbh gus taic a chur ri adhartachadh a’ chànain ann am foghlam air feadh Alba.
Stuthan-taic Gàidhlig
Tha measgachadh de stuthan-taic ri fhaotainn gu h-ìosal. Gheibh sibh stuthan airson cuideachadh le teagasg, stuthan airson sgoilearan agus ceanglaichean a tha sinn a' smaointinn a bhios feumail.
Innealan taic airson luchd-gnìomh
An seo gheibh sibh tòrr rudan a tha feumail mar cheanglaichean gu An Dearbhair, OpenOffice 3.01 agus briathrachas feumail.



Keep up to date